Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, ma bhuineas sibh gu coibhneil agus gu fìrinneach rim mhaighistir, innsibh dhomh; agus mura buin, innsibh dhomh; a‑chum is gun tionndaidh mi a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe.

Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Eiphit:

Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh.

Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh-sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.

Thubhairt mi am dheifir, Tha gach duine breugach.

Na trèigeadh tròcair agus fìrinn thu: ceangail iad mud mhuineal; sgrìobh iad air clàr do chridhe.

Oir ma tha mi a’ dèanamh eucoir, agus ma rinn mi nì sam bith a thoill bàs, chan eil mi a’ diùltadh bàs fhulang: ach mura eil nì sam bith dhiubh sin fìor a tha iad seo a’ cur as mo leth, chan fhaod duine sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Cèasar.

Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.

Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,)

Agus thubhairt Naòmi ra dà bhan-chliamhainn, Falbhaibh, tilleadh gach aon agaibh do thaigh a màthar; gum buineadh an Tighearna gu coibhneil ribh, mar a bhuin sibhse riùsan nach maireann, agus riumsa.

Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin.

An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin.

Mar sin rinn Ionatan coicheangal ri taigh Dhaibhidh, ag ràdh, Gun agradh an Tighearna e eadhon o làimh naimhdean Dhaibhidh.

Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e?

Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan