Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma their e mar seo, Ro‑mhath; bidh sìth aig do sheirbhiseach: ach ma bhios fearg ro‑mhòr air, an sin bi cinnteach gu bheil olc air a shònrachadh leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thaitinn a’ chainnt ri Absalom, agus ri seanairean Israeil uile.

Agus dh’èirich an rìgh na fheirg o chuirm an fhìona agus chaidh e do lios na lùchairt; agus sheas Hàman gu a anam a ghuidhe o Ester a’ bhànrighinn; oir chunnaic e gun do shònraicheadh olc na aghaidh leis an rìgh.

Agus thaitinn a’ chainnt rium gu math; agus ghabh mi dà‑fhear-dheug dhibh, aon fhear as gach treubh.

Agus thilg Saul sleagh air, a‑chum a bhualadh: le sin bha fios aig Ionatan gu robh e suidhichte le a athair Daibhidh a chur gu bàs.

Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e?

A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan