Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma dh’ionndrainneas d’athair idir mi, an sin their thu, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa gu ruith do Bhetlehem, a bhaile fhèin; oir tha ìobairt bhliadhnail an sin airson an teaghlaich uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Nach dubhairt an sgriobtar gun tig Crìosd de shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?

Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite-còmhnaidh-san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.

Agus thubhairt Saul ris, Cò dom mac thu, òganaich? Agus fhreagair Daibhidh, Is mi mac do sheirbhisich Iese, am Betlehemeach.

Agus fhreagair Ionatan Saul, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa dol do Bhetlehem:

Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e romhaibh: dèanaibh cabhag a‑nis, oir an‑diugh tha e air teachd don bhaile, oir tha ìobairt aig an t‑sluagh an‑diugh anns an ionad àrd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan