Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Feuch, tha a’ ghealach nuadh ann a‑màireach, agus bu chòir dhòmhsa suidhe maille ris an rìgh gu biadh; ach leig air falbh mi, a‑chum gum falaich mi mi fhèin anns a’ mhachair gu feasgar an treas là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Carson a thèid thu da ionnsaigh? An‑diugh chan eil gealach nodha, no sàbaid, ann. Agus thubhairt ise, Bidh gach nì gu math.

Oir cha bu nàmhaid a thug masladh dhomh, no dh’fhuilinginn e; cha b’e fear lem b’fhuathach mi a dh’àrdaich e fhèin am aghaidh, no dh’fhalaichinn mi fhèin uaith:

Anns a’ ghealaich nuaidh sèidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air là ar fèille.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Ag ràdh, Cuin a thèid a’ ghealach ùr seachad, a‑chum gun reiceamaid sìol? Agus an t‑sàbaid, a‑chum gun tugamaid a‑mach cruithneachd? A’ dèanamh na h‑ephah beag, agus an t‑seceil mòr; agus a’ dèanamh na meidhe mearachdach le ceilg:

Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean-loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas-sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia.

Agus ann an toiseach ur mìos bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna dà tharbh òg, agus aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid,

An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad.

An sin air ball chuir na bràithrean uapa Pòl, a‑chum gun rachadh e mar gum b’ann a‑chum na mara: ach dh’fhan Silas agus Timòteus an sin fhathast.

Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean:

Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin.

An sin thubhairt Ionatan ris, A‑màireach tha a’ ghealach nuadh ann; agus ionndrainnear thu, a chionn gum bi d’àite-suidhe falamh.

Agus nuair a dh’fhanas tu gus an treas là, thèid thu sìos gu grad, agus thig thu a dh’ionnsaigh an àit anns an d’fhalaich thu thu fhèin, nuair a bha an gnothach an làimh, agus fanaidh tu aig a’ chloich Esel.

Uime sin dh’fhalaich Daibhidh e fhèin anns a’ mhachair: agus nuair a thàinig a’ ghealach nuadh, shuidh an rìgh sìos gu biadh ithe.

Agus thachair an là màireach, an dara là den mhìos, gu robh àite Dhaibhidh falamh: agus thubhairt Saul ra mhac Ionatan, Carson nach tàinig mac Iese gu biadh, aon chuid an‑dè no an‑diugh?

An sin thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Ge bè nì a dh’iarras d’anam, eadhon sin nì mise dhut.

Ma dh’ionndrainneas d’athair idir mi, an sin their thu, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa gu ruith do Bhetlehem, a bhaile fhèin; oir tha ìobairt bhliadhnail an sin airson an teaghlaich uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan