Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Ionatan a athair Saul, agus thubhairt e, Carson a chuirear gu bàs e? Ciod a rinn e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bha fearg air Iàcob, agus throid e ri Làban: agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu robh thu cho dian air mo thòir?

Na dèan suas càirdeas ris an fheargach; agus maille ri fear na h‑àrd-chorraich na imich:

Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.

Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.

Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?

Agus thubhairt an t‑uachdaran, Carson? Ciod an t‑olc a rinn e? Ach is mò gu mòr a ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceusar e.

Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.

A bheil ar lagh-ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh?

Agus thilg Saul an t‑sleagh, agus thubhairt e, Buailidh mi Daibhidh leatha gu ruig am balla: ach tharraing Daibhidh as a làthair dà uair.

Agus labhair Ionatan math mu Dhaibhidh ra athair Saul, agus thubhairt e ris, Na peacaicheadh an rìgh an aghaidh a sheirbhisich, an aghaidh Dhaibhidh; do bhrìgh nach do pheacaich esan ad aghaidh-sa, agus do bhrìgh gu robh a obraichean dod thaobh-sa ro‑mhath:

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?

Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama?

Ma their e mar seo, Ro‑mhath; bidh sìth aig do sheirbhiseach: ach ma bhios fearg ro‑mhòr air, an sin bi cinnteach gu bheil olc air a shònrachadh leis.

An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan