Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, cha do labhair Saul a’ bheag sam bith air an là sin: oir thubhairt e leis fhèin, Thàinig nì‑eigin air, chan eil e glan: gu cinnteach chan eil e glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus air an son sin bidh sibh neòghlan: gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar.

Agus ge bè air bith a dh’imicheas air a mhàgan, am measg nan uile bheathaichean a dh’imicheas air ceithir chasan, bidh e neòghlan dhuibh; gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar.

Tha iad sin neòghlan dhuibh nam measg-san uile a shnàigeas: gach neach a bheanas riu, nuair a bhios iad marbh, bidh e neòghlan gu feasgar.

Agus esan a dh’itheas de a chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; esan mar an ceudna a ghiùlaineas a’ chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

Agus gach neach a bheanas ra leabaidh, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

Agus ge bè a bheanas ri neach a mharbhadh le claidheamh anns a’ mhachair, no ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri uaigh, bidh e neòghlan seachd làithean.

Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte.

Agus thachair an là màireach, an dara là den mhìos, gu robh àite Dhaibhidh falamh: agus thubhairt Saul ra mhac Ionatan, Carson nach tàinig mac Iese gu biadh, aon chuid an‑dè no an‑diugh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan