Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin dh’fhalaich Daibhidh e fhèin anns a’ mhachair: agus nuair a thàinig a’ ghealach nuadh, shuidh an rìgh sìos gu biadh ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.

Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit.

Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.

Oir tha iad ag ithe aran na h‑aingidheachd, agus ag òl fìon an ainneirt.

An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.

Agus nuair a dh’ith sibh, agus nuair a dh’òl sibh, nach d’ith sibh air ur son fhèin, agus nach d’òl sibh air ur son fhèin?

Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?

Agus thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Feuch, tha a’ ghealach nuadh ann a‑màireach, agus bu chòir dhòmhsa suidhe maille ris an rìgh gu biadh; ach leig air falbh mi, a‑chum gum falaich mi mi fhèin anns a’ mhachair gu feasgar an treas là.

Agus a‑thaobh a’ ghnothaich mun do labhair mise agus thusa, feuch, gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa gu bràth.

Agus shuidh an rìgh air a chathair fhèin, mar air uairean eile, eadhon air cathair làimh ris a’ bhalla: agus dh’èirich Ionatan, agus shuidh Abner ri taobh Shauil: agus bha àite Dhaibhidh falamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan