Agus, feuch, cuiridh mi òganach uam, ag ràdh, Falbh, faigh a‑mach na saighdean. Ma their mi gu cinnteach ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh seo dhìot, gabh iad; an sin thig thusa: oir tha sìth ann dhut, agus chan eil olc sam bith, mar as beò an Tighearna.
Agus nuair a thàinig an t‑òganach gu àite na saighde a thilg Ionatan, ghlaodh Ionatan an dèidh an òganaich, agus thubhairt e, Nach eil an t‑saighead air do thaobh thall?
Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile.