Agus nuair a dh’fhanas tu gus an treas là, thèid thu sìos gu grad, agus thig thu a dh’ionnsaigh an àit anns an d’fhalaich thu thu fhèin, nuair a bha an gnothach an làimh, agus fanaidh tu aig a’ chloich Esel.
Agus, feuch, cuiridh mi òganach uam, ag ràdh, Falbh, faigh a‑mach na saighdean. Ma their mi gu cinnteach ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh seo dhìot, gabh iad; an sin thig thusa: oir tha sìth ann dhut, agus chan eil olc sam bith, mar as beò an Tighearna.