Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan ris, Nar leigeadh Dia; chan fhaigh thu bàs: feuch, cha dèan m’athair nì air bith mòr no beag nach foillsich e dhòmhsa; agus carson a dh’fhalaicheadh m’athair uamsa an nì seo? Cha bhi e mar sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad ris, Carson a labhras mo thighearna na briathran seo? Nar leigeadh Dia gun dèanadh do sheirbhisich a rèir an nì seo:

Ann an ìobairt agus ann an tabhartas cha do ghabh thu tlachd; dh’fhosgail thu mo chluasan; ìobairt-loisgte agus ìobairt-pheacaidh cha d’iarr thu.

An tì a nì co‑roinn ri gadaiche, fuathaichidh e a anam fhèin: cluinnidh e mallachadh, ach chan fhoillsich e.

Dh’fhosgail an Tighearna Iehòbhah mo chluas, agus cha robh mi ceannairceach; cha mhò a thionndaidh mi air m’ais.

Thig e agus sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile. Agus nuair a chuala iad seo, thubhairt iad, Nar leigeadh Dia.

A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.

Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi.

Guma fada e uainne ceannairc a dhèanamh an aghaidh an Tighearna, agus tilleadh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail airson thabhartas-loisgte, airson thabhartasan-bìdh, no airson ìobairtean, seach altair an Tighearna ar Dia, a tha air beulaibh a’ phàillein.

Agus fhreagair an sluagh, agus thubhairt iad, Guma fada e uainne an Tighearna a thrèigsinn, gu seirbhis a dhèanamh do dhiathan eile;

Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.

Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama?

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Gun dèanadh an Tighearna, Dia Israeil, nuair a dh’fhidireas mi m’athair mun àm seo a‑màireach, no air an treas là, agus, feuch, ma bhios math ann a‑thaobh Dhaibhidh, agus nach cuir mi an sin fios ad ionnsaigh-sa, agus nach foillsich mi dhut e;

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.

A‑nis dh’innis an Tighearna ann an cluais Shamueil là mun tàinig Saul, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan