Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Gun dèanadh an Tighearna, Dia Israeil, nuair a dh’fhidireas mi m’athair mun àm seo a‑màireach, no air an treas là, agus, feuch, ma bhios math ann a‑thaobh Dhaibhidh, agus nach cuir mi an sin fios ad ionnsaigh-sa, agus nach foillsich mi dhut e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu lèir?

Dhearbh thu mo chridhe; dh’fhiosraich thu mi anns an oidhche; rannsaich thu mi, cha d’fhuair thu a’ bheag; is e mo rùn nach ciontaich mo bheul.

Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tàirngidh fear na tuigse a‑nìos i.

Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,)

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Thig, agus rachamaid a‑mach don mhachair. Agus chaidh iad a‑mach le chèile don mhachair.

Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.

Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan