Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.
Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e?
Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir.
Ach dh’innis fear de na h‑òganaich do Abigail bean Nàbeil, ag ràdh, feuch, chuir Daibhidh teachdairean as an fhàsach a chur fàilte air ar maighistir, agus thug e ana-cainnt dhaibh.
A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.