Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh-ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile:
Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna.
Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:
An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.
A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.
Iùdas, seirbhiseach Iosa Crìosd, agus bràthair Sheumais, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh le Dia an t‑Athair, agus air an coimhead le Iosa Crìosd, air an gairm:
A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh.
A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.