Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e Iòseph, agus thug iad le cabhaig a‑mach as an t‑sloc e: agus bheàrr e e fhèin agus mhùth e a aodach, agus thàinig e a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh.

Bidh tu os cionn mo thaighe-sa, agus a rèir d’fhacail bidh mo shluagh uile air an riaghladh: a‑mhàin anns an rìgh-chathair bidh mise nas mò na thu.

A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel:

A chionn gun d’àrdaich mise thu on duslach, agus gun do rinn mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel, ach gun do ghluais thusa ann an slighe Ierobòaim, agus gun tug thu air mo shluagh Israel peacachadh, gam bhrosnachadh gu feirg lem peacaidhean;

Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel.

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Agus ghabh e slige-chreadha ga sgrìobadh fhèin leatha; agus shuidh e am measg na luaithre.

O chian leag thu bunaitean na talmhainn, agus is iad na nèamhan obair do làmh.

Shuidhich e an talamh air a bhunaitean, a‑chum nach gluaiste e gu bràth.

Agus togaidh e suas am bochd o thruaighe, agus nì e teaghlaichean dha mar threud.

Oir shuidhich e air na cuantan e, agus shocraich e air na sruthan e.

Sgaoileadh an tìr agus a luchd-àiteachaidh gu lèir; cumaidh mise suas a puist. Selah.

Thubhairt mi ris na h‑amadain, Na bithibh amaideach; agus ris na h‑aingidh, Na togaibh suas ur n‑adharc.

Ach is e Dia am Britheamh; leagaidh e sìos am fear seo, agus àrdaichidh e am fear sin.

Oir à prìosan thig e a rìoghachadh; an tì mar an ceudna a rugadh na rìoghachd, fàsaidh e bochd.

Agus daingnichidh mi e mar tharraing ann an àite cinnteach; agus bidh e mar chathair ghlòrmhoir airson taigh a athar.

An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear-riaghlaidh dheth os cionn mòr-roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin.

Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine.

An sin bha Daniel seo air àrdachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad òirdheirc ann; agus bha e an aire an rìgh a chur os cionn na rìoghachd uile.

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Agus a rinn rìghrean dhinn agus sagartan do Dhia agus da Athair-san; dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.

Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan