Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel.

Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile.

Agus bha aig Heseciah beartas agus urram ro‑mhòr: agus rinn e dha fhèin ionmhasan airson airgid, agus òir, agus chlachan luachmhor, agus spìosraidh, agus thargaidean, agus gach seud thaitnich;

Agus rinn e dha fhèin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro‑mhòr.

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Faic gach neach a tha uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine nan àite.

A‑chum iadsan a tha ìosal a chur an àirde, agus iadsan a tha dubhach a thogail suas an tèarainteachd:

Trìd do chorraich agus d’fheirge, oir thog thu mi suas, agus leag thu mi sìos.

Ach is e Dia am Britheamh; leagaidh e sìos am fear seo, agus àrdaichidh e am fear sin.

Oir tha cupan ann an làimh an Tighearna, agus tha am fìon dearg; làn coimeisg tha e, agus dòrtaidh e cuid as; ach a dheasgainnean fàisgidh agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn.

Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir.

Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e;

Oir feuch, nì mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarach am measg dhaoine.

Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.

Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan