Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is e an Tighearna a mharbhas agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, agus bheir e a‑nìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Eliah; agus thàinig anam an leinibh a‑steach ann a‑rìs, agus dh’ath-bheothaicheadh e.

Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh.

Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus lèighsidh a làmhan.

Chuartaich doilgheasan a’ bhàis mi, agus ghlac piantan ifrinn mi; fhuair mi teinn agus bròn.

Seinnibh don Tighearna, sibhse a naoimh-san, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd.

Is e ar Dia-ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.

A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidhe, a bheothaicheas mi a‑rìs, agus o dhoimhneachdan na talmhainn a bheir mi a‑nìos a‑rìs?

Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas;

Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.

Air an adhbhar sin dèan fàistneachd, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, O mo shluagh, fosglaidh mise ur n‑uaighean, agus bheir mi oirbh teachd a‑nìos as ur n‑uaighean, agus bheir mi sibh gu fearann Israeil.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, am faod na cnàmhan seo teachd beò? Agus fhreagair mise, O Thighearna Dhia, agadsa tha fhios.

Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan