As m’eughmhais-sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
Oir ged bhuaileadh sibh uile fheachd nan Caldèanach a tha a’ cogadh nur n‑aghaidh, agus nach maireadh nam measg ach daoine leònte, gach aon na bhùth, dh’èireadh iad sin fhèin suas, agus loisgeadh iad a’ chathair seo le teine.
A chionn gun tàinig fear-millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise.
Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.
Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:
A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.