Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Mar seo thilg Solamh a‑mach Abiatar o bhith na shagart don Tighearna, a choileanadh facal an Tighearna, a labhair e a‑thaobh taigh Eli ann an Siloh.

Gidheadh, cha deachaidh sagartan nan àitean àrda suas gu altair an Tighearna ann an Ierusalem, ach dh’ith iad aran neo-ghortaichte am measg am bràithrean.

Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein.

Thubhairt sibh fòs, Cia mòr an sgìos e? Agus shèid sibh uaibh e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thug sibh am ionnsaigh an nì a bha reubte, agus bacach, agus tinn; mar seo thug sibh tabhartas: an gabh mise sin o ur làimh? deir Tighearna nan sluagh.

Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhòmhsa ad athair agus ad shagart, agus bheir mi dhut deich secel airgid anns a’ bhliadhna, agus culaidh aodaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lèbhitheach a‑steach.

Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.

Agus fhritheil an leanabh Samuel don Tighearna, am fianais Eli: agus bha facal an Tighearna luachmhor anns na làithean sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan