Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh seo na chomharradh dhut, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas ann an aon là bàsaichidh iad le chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air an là sin fhèin comharradh seachad, ag ràdh, Is e seo an comharradh a labhair an Tighearna: Feuch, reubar an altair, agus dòirtear a‑mach an luath a tha oirre.

Uime sin èirich thusa, imich dod thaigh fhèin: nuair a thèid do chasan a‑steach don bhaile, gheibh an leanabh bàs.

Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-spèilidh, na laighe ann am prasaich.

Agus nuair a thig na comharraidhean sin ort, nì thu mar a fhreagras a’ chùis dhut, oir bidh Dia maille riut.

Agus an duine sin agad nach geàrr mi as om altair, bidh e a chlaoidh do shùl, agus a chràdh do chridhe: agus bàsaichidh uile ghineal do thaighe ann an trèine an neirt.

Anns an là sin coileanaidh mi an aghaidh Eli na nithean sin uile a labhair mi mu thimcheall a thaighe: tòisichidh mi agus crìochnaichidh mi.

Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs.

Agus fhreagair an teachdaire agus thubhairt e, Theich Israel ro na Philistich, agus mar an ceudna bha àr mòr am measg an t‑sluaigh, agus mar an ceudna tha do dhithis mhac, Hophni agus Phinehas, marbh, agus ghlacadh àirc Dhè.

Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gun do ghlacadh àirc Dhè, agus airson a h‑athar-cèile agus a fir:)

Agus thubhairt i, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel; oir ghlacadh àirc Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan