Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Gabhaidh seann daoine agus seana mhnathan còmhnaidh fhathast ann an sràidean Ierusaleim, agus gach duine le a luirg na làimh le ro‑aois.
Agus an duine sin agad nach geàrr mi as om altair, bidh e a chlaoidh do shùl, agus a chràdh do chridhe: agus bàsaichidh uile ghineal do thaighe ann an trèine an neirt.
Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.