Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, tha na làithean a’ teachd anns an geàrr mi dhìot do ghàirdean, agus gàirdean taigh d’athar, air chor is nach bi seann duine ad thaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an rìgh Benaiah mac Iehoiada na àit os cionn an t‑slòigh: agus Sadoc an sagart chuir an rìgh an àit Abiatair.

Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan.

Oir brisear gàirdeanan dhroch dhaoine, ach cumaidh Dia suas na fìreanan.

Agus na Lèbhithich a dh’imich am fad uamsa, nuair a chaidh Israel air seachran, a dh’fhalbh air seachran uamsa an dèidh an iodhalan, giùlainidh eadhon iadsan an aingidheachd.

Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.

Anns an là sin coileanaidh mi an aghaidh Eli na nithean sin uile a labhair mi mu thimcheall a thaighe: tòisichidh mi agus crìochnaichidh mi.

Agus tharraing na Philistich iad fhèin suas an òrdagh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel ro na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath anns a’ mhachair mu thimcheall ceithir mìle fear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan