Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Uime sin thubhairt an Tighearna ri Solamh, A chionn gun do rinneadh seo leat, agus nach do ghlèidh thu mo choicheangal-sa, agus mo reachdan a dh’àithn mi dhut, gu deimhinn reubaidh mise an rìoghachd uat, agus bheir mi dod sheirbhiseach i.

Mar seo thilg Solamh a‑mach Abiatar o bhith na shagart don Tighearna, a choileanadh facal an Tighearna, a labhair e a‑thaobh taigh Eli ann an Siloh.

Ciod tuilleadh as urrainn Daibhidh a ràdh riut, airson urram do sheirbhisich? Ach is aithne dhut do sheirbhiseach.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an rìgh, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhutsa, Udsiah, tùis a losgadh don Tighearna, ach do na sagartan, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a‑mach as an ionad naomh, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhut a‑chum urraim on Tighearna Dia.

Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais; a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh.

Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan; agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach.

Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhòmhsa; agus dhàsan a dh’òrdaicheas a shlighe, nochdaidh mi slàinte Dhè.

Mar aisling nuair a dhùisgeas neach, a Thighearna, anns a’ bhaile nì thu tarcais air an dealbh.

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.

Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.

A rèir a ghliocais molar duine; ach nìthear dìmeas air-san a tha fiar na chridhe.

Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu urram thu, nuair a ghabhas tu ad ghlacan i.

Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise Semaiah an Nehelamach agus a shliochd: cha bhi aige duine a ghabhas còmhnaidh am measg an t‑sluaigh seo, cha mhò a chì e am math a nì mise airson mo phobaill, deir an Tighearna, a chionn gun do labhair e ceannairc an aghaidh an Tighearna.

Oir feuch, nì mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarach am measg dhaoine.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an làimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; cha mhò a bheathaicheas na h‑aodhairean iad fhèin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a‑chum nach bi iad dhaibh nam biadh.

Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn.

Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?

Feuch, bheir mi air an t‑sìol nach fàs e, agus tilgidh mi aolach nur n‑aghaidh, aolach ur n‑àrd-fhèillean; agus giùlainear sibh fhèin maille ris.

Ach eadhon mìos iomlan, gus an tig i a‑mach à cuinneinean ur sròn, agus gum bi i gràineil dhuibh; a chionn gun do rinn sibh tàir air an Tighearna a tha nur measg, agus gun do ghuil sibh na làthair, ag ràdh, Carson a thàinig sinn a-mach as an Eiphit?

Na salaichibh, uime sin, am fearann anns am bi sibh a chòmhnaidh, anns a bheil mise am chòmhnaidh; a chionn gu bheil mise an Tighearna am chòmhnaidh am meadhon chloinn Israeil.

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

A‑chum gun tugadh na h‑uile dhaoine urram don Mhac, amhail a tha iad a’ toirt urraim don Athair. An tì nach eil a’ toirt urraim don Mhac, chan eil e a’ toirt urraim don Athair a chuir uaithe e.

Cionnas a dh’fhaodas sibh creidsinn, a tha a’ gabhail urraim o chèile, agus nach eil ag iarraidh an urraim a thig o Dhia a‑mhàin?

Fhreagair Iosa, Chan eil deamhan agam; ach tha mi a’ toirt urraim dom Athair, agus tha sibhse a’ toirt eas-urraim dhòmhsa.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:

Agus thubhairt na craobhan ris a’ chrann-fhìge, Thig-sa agus bi ad rìgh oirnn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan