Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na labhraibh nas mò cho ro‑uaibhreach; na tigeadh àrdan a‑mach as ur beul; oir is Dia eòlais an Tighearna, agus leis-san tha gnìomharan air an cothromachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

An sin èisd thusa o na nèamhan, d’àite-còmhnaidh, agus maith, agus dèan, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe; (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin a tha fhios air cridheachan uile chlann nan daoine:)

Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas.

Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas.

Nan saill tha iad air an druideadh suas; lem beul labhraidh iad gu h‑uaibhreach.

Dèanar balbh na bilean breugach, a labhras an aghaidh an fhìrein gu cruaidh, le uabhar agus le tarcais.

Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe?

Na togaibh suas ur n‑adharc gu h‑àrd; na labhraibh le muineal cruaidh.

Cia fhad a bhrùchdas iad briathran, a labhras iad nithean cruaidhe, a bhios uile luchd-dèanamh an uilc ri ràiteachas;

Tha uile shlighean duine glan na shùilean fhèin; ach cothromaichidh an Tighearna na spioradan.

Ma their thu, Feuch, cha robh fhios againn air seo; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa‑near? Agus nach bi fhios aigesan a choimheadas d’anam? Agus nach ìoc e do gach duine a rèir a ghnìomharan?

Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.

Tha slighe an fhìrein ro‑dhìreach; nì thusa ceum an fhìrein fìor-chòmhnard.

Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil?

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.

Mar seo le ur beul rinn sibh uaill ann am aghaidh-sa, agus mheudaich sibh ur briathran ann am aghaidh; chuala mise.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

TECEL, tha thu air do thomhas air a’ mheidh, agus fhuaireadh easbhaidheach thu.

Bha ur briathran dalma ann am aghaidh-sa, tha an Tighearna ag ràdh; gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod a labhair sinn ad aghaidh?

Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.

Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,)

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.

An sin thubhairt Sebul ris, Càit a‑nis a bheil do bheul, leis an dubhairt thu, Cò e Abimelech gun dèanamaid seirbhis dha? Nach e seo an sluagh air an do rinn thu tàir? Falbh a‑mach, guidheam ort a‑nis, agus cog riu.

Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan