Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dèanaibh mar seo, mo mhic: oir cha sgeul math a tha mi a’ cluinntinn, gu bheil sibh a’ toirt air sluagh an Tighearna dol air seachran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh.

Airson peacaidhean Ierobòaim a pheacaich e agus leis an tug e air Israel peacachadh; airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg.

Ach cha tug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le a uile chridhe; oir cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?

Ach chaidh sibh air seachran on t‑slighe: thug sibh air mòran tuisleachadh air an reachd: thruaill sibh coicheangal Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh.

Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum.

Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.

Tre urram agus eas-urram, tre mhì-chliù agus dheagh-chliù: mar mhealltairean, gidheadh fìrinneach;

Is còir dha mar an ceudna deagh theisteas a bhith aige uapasan a tha an leth a‑muigh; air eagal gun tuit e ann an sgainneal, agus ann an ribe an diabhail.

Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;

Tha deagh theisteas air Demetrius o na h‑uile, agus on fhìrinn fhèin: agus tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh fianais; agus tha fhios agaibh gu bheil ar fianais-ne fìor.

Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.

Uime sin bha peacadh nan òganach ro‑mhòr am fianais an Tighearna; oir rinn daoine tarcais air ìobairt an Tighearna.

A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh a leithid seo de nithean? Oir tha mi a’ cluinntinn a‑thaobh ur droch ghnìomharan on t‑sluagh seo uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan