Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Is iad seo ginealaichean Iàcoib: nuair a bha Iòseph seachd-bliadhna-deug a dh’aois, bha e a’ buachailleachd an treuda maille ra bhràithrean, agus bha an t‑òganach maille ri mic Bhilhah, agus maille ri mic Shilpah, mnathan a athar; agus thug Iòseph an droch thuairisgeul-san a dh’ionnsaigh a athar.

Agus rinn e an soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, de sgàthanan nam ban, a chruinnich nam buidhnean aig doras pàillean a’ choitheanail.

Bhris a shagartan mo reachd, agus mhì-naomhaich iad mo nithean naomha: cha do chuir iad dealachadh sam bith eadar an naomh agus am mì‑naomh, cha mhò a dh’fheuch iad ciod tha neòghlan, agus ciod glan: agus dh’fhalaich iad an sùilean om shàbaidean, agus tha mi air mo mhì-naomhachadh nam measg.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh a leithid seo de nithean? Oir tha mi a’ cluinntinn a‑thaobh ur droch ghnìomharan on t‑sluagh seo uile.

Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad.

A‑nis nuair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic nam britheamhan os cionn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan