Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi.

Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?

Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm-san.

Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.

Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?

Agus tha d’fhìreantachd-sa, a Dhè, ro‑àrd, O thusa a rinn nithean mòra, A Dhè, cò as cosmhail riut.

Bi‑sa ad charraig làidir dhomh, a‑chum an rachainn a‑ghnàth; dh’àithn thu mi a bhith air mo shaoradh, oir is tu mo charraig agus mo dhaingneach.

Cò a tha agam anns na nèamhan ach thusa? Agus an coimeas riut chan eil neach air thalamh air a bheil mo dhèidh.

Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.

Oir cò ann am flaitheanas a choimeasar ris an Tighearna? Cò am measg mic nan cumhachdach a shamhlaichear ris an Tighearna?

A Thighearna Dhè nan slògh, cò a tha cosmhail riut? Treun tha thusa, a Thighearna, agus tha d’fhìrinn mun cuairt dhut.

Moladh iad d’ainm mòr agus uamhasach; is naomh e.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha?

Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.

Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.

Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd.

Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh.

Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh.

Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.

Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.

Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth.

O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach-sa, agus a rèir do chumhachd-sa?

Agus thubhairt e, Falaichidh mi mo ghnùis uapa, chì mi ciod as crìoch dhaibh: oir is ginealach ro‑choirbte iad, clann anns nach eil creideamh.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Dhutsa nochdadh e, a‑chum gum biodh fios agad gur e an Tighearna as Dia ann; chan eil ann ach e.

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh-se naomh, oir tha mise naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan