Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich.

Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd-ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear-seinn, am measg an luchd-ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt.

Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis.

Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.

Agus dh’imich Elcanah gu Ramah da thaigh; agus fhritheil an leanabh don Tighearna am fianais Eli, an sagart.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?

Agus thubhairt an rìgh ri Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartan. Agus thionndaidh Doeg an t‑Edomach, agus bhuail e air na sagartan; agus mharbh e air an là sin ceithir-fichead agus còig fir a dh’iomchair èphod de lìon-aodach.

Agus fhritheil an leanabh Samuel don Tighearna, am fianais Eli: agus bha facal an Tighearna luachmhor anns na làithean sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan