Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin bha peacadh nan òganach ro‑mhòr am fianais an Tighearna; oir rinn daoine tarcais air ìobairt an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Bha e na shealgair cumhachdach an làthair an Tighearna: uime sin theirear, Amhail mar Nimrod, an sealgair cumhachdach an làthair an Tighearna.

Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr.

Agus bha an talamh truaillidh am fianais Dhè, agus lìonadh an talamh le fòirneart.

Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

Oir tha Ierusalem air aomadh sìos, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire.

Agus seo fòs rinn sibh; chòmhdaich sibh le deòir altair an Tighearna, le gul, agus le èigheach; ionnas nach eil suim aige de thabhartas nas mò, agus cha ghabh e le deagh-ghean ur làimh e.

Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum.

Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t‑saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhut fhèin mar as miann led anam; an sin fhreagradh e, Chan eadh, ach bheir thu dhomh a‑nis; agus mura tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin.

Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan