Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 2:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

An sin thill fir Iùdah agus Ierusaleim uile, agus Iehosaphat air an ceann, a dhol air an ais gu Ierusalem le gàirdeachas; oir thug an Tighearna orra gàirdeachas a dhèanamh os cionn an naimhdean.

Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.

Dh’fhuaigh mi sac-aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach.

Is e an Tighearna mo neart agus mo cheòl, agus is e mo shlàinte.

Ach dh’earb mise as do thròcair; nì mo chridhe gàirdeachas ann ad shlàinte.

Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha. Molaibh-se an Tighearna.

Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.

Nì sinne aoibhneas ann ad shlàinte, agus ann an ainm ar Dè‑ne togaidh sinn suas ar bratach. Gun coileanadh Dia d’iarrtasan uile!

Miann a chridhe thug thu dha, agus athchuinge a bhilean cha do dhiùlt thu dha. Selah.

Ach nì m’anam-sa gàirdeachas anns an Tighearna; nì e aoibhneas na shlàinte.

A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù.

Lìonar mo bheul led mholadh, led urram-sa gach là.

Agus sgathaidh mi sìos uile adharcan nan aingidh; àrdaichear adharcan an fhìrein.

Oir is tusa glòir an neirt, agus ann ad dheagh-ghean àrdaichear ar n‑adharc.

Oir is e an Tighearna ar sgiath, agus Aon naomh Israeil ar Rìgh.

Agus bidh m’fhìrinn agus mo thròcair maille ris, agus ann am ainm-sa àrdaichear a adharc-san.

A‑chum gum foillsich mi do chliù uile ann an geatachan nighean Shioin: nì mi gàirdeachas ann ad shlàinte.

Ach mar adharc buabhaill àrdaichidh tu m’adharc-sa; ungar mi le ola ùir;

An sin chan Maois agus clann Israeil an laoidh seo don Tighearna, agus labhair iad ag ràdh, Canaidh mise don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

Ùrnaigh Habacuc am fàidh air Sigionot.

Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.

Agus gun do thog e suas dhuinne adharc slàinte ann an taigh Dhaibhidh, a òglach fhèin;

Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.

Mar chiad-ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adharcach tha a adhaircean-san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.

Oir is sinne an timcheall-ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil:

Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.

Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir:

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.

Agus bhrosnaich a h‑eascaraid i mar an ceudna gu feirg, a thoirt oirre gearan a dhèanamh, a chionn gun do dhruid an Tighearna a brù.

Agus mar sin rinn e gach bliadhna nuair a thàinig i a‑nìos do thaigh an Tighearna, mar sin bhrosnaich i i. Uime sin ghuil i, agus chan itheadh i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan