Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an droch spiorad on Tighearna air Saul nuair a shuidh e na thaigh, agus a shleagh na làimh: agus chluich Daibhidh le a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.

Ach dh’fhalbh spiorad an Tighearna o Shaul, agus chuir droch spiorad on Tighearna buaireas air.

Agus thubhairt seirbhisich Shauil ris, Feuch a‑nis, tha droch spiorad o Dhia a’ cur buaireis ort.

Thugadh a‑nis ar tighearna àithne dod sheirbhisich a tha ann ad fhianais, gun iarr iad a‑mach duine a chluicheas gu h‑ealanta air clàrsaich: agus nuair a bhios an droch spiorad o Dhia ort, an sin cluichidh esan le a làimh, agus bidh tusa gu math.

Agus bha cogadh a‑rìs ann: agus chaidh Daibhidh a‑mach, agus chog e ris na Philistich, agus bhuail e iad le àr mòr; agus theich iad roimhe.

Agus chuala Saul gum facas Daibhidh agus na daoine a bha maille ris, (a‑nis dh’fhan Saul ann an Gibeah fo chraoibh ann an Ramah, agus a shleagh na làimh, agus a sheirbhisich uile nan seasamh làimh ris,)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan