Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm Ionatan air Daibhidh, agus chuir Ionatan an cèill dha na briathran sin uile: agus thug Ionatan Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus bha e na fhianais mar a bha e roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic Iàcob gnùis Làbain, agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin.

Agus a bhàrr air seo, anns an ùine a chaidh seachad, eadhon nuair a bha Saul na rìgh, bu tusa a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air mo shluagh Israel.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.

Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus sheas e na fhianais; agus ghràdhaich e gu mòr e, agus bha e aige na fhear-iomchair a arm.

Agus air an là màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd ann am meadhon an taighe; agus chluich Daibhidh le a làimh, mar air uairean eile: agus bha sleagh ann an làimh Shauil.

Uime sin chuir Saul air falbh uaithe e, agus rinn e na cheannard dha fhèin os cionn mìle e; agus chaidh e a‑mach, agus thàinig e a‑steach ron t‑sluagh.

Agus ghabh Saul da ionnsaigh e air an là sin, agus cha do leig e leis tilleadh nas mò gu taigh a athar.

Agus dh’èisd Saul ri guth Ionatain; agus mhionnaich Saul, Mar as beò an Tighearna, cha mharbhar e.

Agus bha cogadh a‑rìs ann: agus chaidh Daibhidh a‑mach, agus chog e ris na Philistich, agus bhuail e iad le àr mòr; agus theich iad roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan