Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh.

Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.

Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Agus dhìol iad dhomh olc an èirig maith, agus fuath an èirig mo ghràidh.

Tha m’anam a‑ghnàth am làimh; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do lagh.

Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orrasan a chiontaicheas gun adhbhar.

Is lìonmhoire na falt mo chinn iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar; tha iadsan air fàs làidir lem b’àill mo mhilleadh, a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach; an nì sin nach tug mi leam, an sin is èiginn dhomh a aiseag.

Cruinnichidh iad le chèile an aghaidh anam an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neochiontach.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

Ach biodh gu cinnteach fios agaibh, ma chuireas sibh gu bàs mise, gun tarraing sibh fuil neochiontach oirbh fhèin, agus air a’ chathair seo, agus air a luchd-àiteachaidh: oir gu fìrinneach chuir an Tighearna mise thugaibh gus na briathran seo uile a labhairt nur cluasan.

Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.

Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin.

Ach rinneadh seo a‑chum gun coileante am facal a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.

Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;

Agus nuair a chunnaic mi nach do shaor sibh mi, chuir mi m’anam am làimh, agus chaidh mi a‑null an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad dom làimh: carson, matà, a tha sibh air teachd a‑nìos am ionnsaigh-sa an‑diugh, a chogadh am aghaidh?

(Oir chog m’athair-sa air ur son, agus chuir e a anam ann an cunnart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain;

Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel.

Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.

Agus dh’èisd Saul ri guth Ionatain; agus mhionnaich Saul, Mar as beò an Tighearna, cha mharbhar e.

Agus fhreagair Ionatan a athair Saul, agus thubhairt e, Carson a chuirear gu bàs e? Ciod a rinn e?

An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh?

Agus thàinig a’ bhean a dh’ionnsaigh Shauil, agus chunnaic i gu robh e fo uamhann mòr, agus thubhairt i ris, Feuch, thug do bhanoglach gèill dod ghuth, agus chuir mi m’anam am làimh, agus dh’èisd mi rid bhriathran a labhair thu rium:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan