Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair Ionatan math mu Dhaibhidh ra athair Saul, agus thubhairt e ris, Na peacaicheadh an rìgh an aghaidh a sheirbhisich, an aghaidh Dhaibhidh; do bhrìgh nach do pheacaich esan ad aghaidh-sa, agus do bhrìgh gu robh a obraichean dod thaobh-sa ro‑mhath:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.

Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil-san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine.

Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig na mionnan an làthair d’altarach anns an taigh seo;

Dhìol iad dhomh olc an èirig maith, a’ cur romhpa mo bheatha a thoirt uam.

Gun choire agamsa, ruithidh iad, agus ullaichidh iad iad fhèin; mosgail thusa a chuideachadh leam, agus amhairc.

Ge bè dh’ìocas olc airson maith, cha dealaich olc ra thaigh.

An dìolar olc airson maith? Gu cinnteach chladhaich iad sloc airson m’anama. Cuimhnich cionnas a sheas mi ann ad fhianais, a dhèanamh eadar-ghuidhe a‑chum an leas, a thionndadh do chorraich air falbh uapa.

Ach le peacachadh dhuibh mar sin an aghaidh nam bràithrean, agus len cogais anfhann a lotadh, tha sibh a’ peacachadh an aghaidh Chrìosd.

Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann.

Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.

Agus fhreagair Ionatan a athair Saul, agus thubhairt e, Carson a chuirear gu bàs e? Ciod a rinn e?

An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan