Agus thèid mise a‑mach, agus seasaidh mi làimh rim athair anns a’ mhachair anns am bi thu, agus labhraidh mi mud thimcheall rim athair; agus an nì a chì mi, sin innsidh mi dhut.
Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin.
Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.
Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e?