Agus chaidh e an sin gu Naiot ann an Ramah: agus bha spiorad Dhè air-san mar an ceudna, agus chaidh e air aghaidh, agus rinn e fàidheadaireachd, gus an tàinig e gu Naiot ann an Ramah.
Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail?
Ach cha b’ann uaithe fhèin a labhair e seo: ach air dha a bhith na àrd-shagart air a’ bhliadhna sin, rinn e fàidheadaireachd gum faigheadh Iosa bàs airson a’ chinnich sin;
Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.
Agus fhreagair duine as an àite sin, agus thubhairt e, Ach cò e an athair? Uime sin bha e na ghnàth-fhacal, A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean?
Agus air an là màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd ann am meadhon an taighe; agus chluich Daibhidh le a làimh, mar air uairean eile: agus bha sleagh ann an làimh Shauil.
Agus theich Daibhidh, agus chaidh e as, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah, agus dh’innis e dha gach nì a rinn Saul ris: agus dh’imich esan agus Samuel, agus ghabh iad còmhnaidh ann an Naiot.
Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna.
An sin chaidh e fhèin mar an ceudna gu Ramah, agus thàinig e gu tobar mòr a tha ann an Sechu, agus dh’fheòraich e, agus thubhairt e, Càit a bheil Samuel, agus Daibhidh? Agus thubhairt aon, Feuch, tha iad aig Naiot ann an Ramah.