Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’innseadh sin do Shaul, chuir e uaithe mar an ceudna teachdairean eile, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadaireachd. Agus chuir Saul teachdairean a‑rìs an treas uair, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadaireachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ged phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris.

Am faod an t‑Etiopach a chraiceann a mhùthadh, no an liopard a bhrice? An sin faodaidh sibhse, a bha cleachdte ri olc, math a dhèanamh.

Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean:

Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna.

An sin chaidh e fhèin mar an ceudna gu Ramah, agus thàinig e gu tobar mòr a tha ann an Sechu, agus dh’fheòraich e, agus thubhairt e, Càit a bheil Samuel, agus Daibhidh? Agus thubhairt aon, Feuch, tha iad aig Naiot ann an Ramah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan