Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta.

Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.

Agus nuair a chuala mac-peathar Phòil am feall-fhalach seo, thàinig e, agus air dha dol a‑steach don chaisteal, dh’innis e sin do Phòl.

Ach thugadh fios do Shaul air am foill: agus bha faire aca air na geatachan a là agus a dh’oidhche a‑chum a mharbhadh.

Agus labhair Saul ra mhac Ionatan, agus ra sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Daibhidh.

Agus thèid mise a‑mach, agus seasaidh mi làimh rim athair anns a’ mhachair anns am bi thu, agus labhraidh mi mud thimcheall rim athair; agus an nì a chì mi, sin innsidh mi dhut.

Agus thubhairt esan ris, Nar leigeadh Dia; chan fhaigh thu bàs: feuch, cha dèan m’athair nì air bith mòr no beag nach foillsich e dhòmhsa; agus carson a dh’fhalaicheadh m’athair uamsa an nì seo? Cha bhi e mar sin.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Feuch, tha a’ ghealach nuadh ann a‑màireach, agus bu chòir dhòmhsa suidhe maille ris an rìgh gu biadh; ach leig air falbh mi, a‑chum gum falaich mi mi fhèin anns a’ mhachair gu feasgar an treas là.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan