Agus theich Daibhidh, agus chaidh e as, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah, agus dh’innis e dha gach nì a rinn Saul ris: agus dh’imich esan agus Samuel, agus ghabh iad còmhnaidh ann an Naiot.
Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna.
An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon?