Agus nuair a thàinig na teachdairean a‑steach, feuch, bha dealbh anns an leabaidh, agus adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann.
Agus ghabh Michal dealbh, agus chuir i anns an leabaidh e, agus chuir i adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann, agus chòmhdaich i le aodach e.
Agus chuir Saul na teachdairean a‑rìs a dh’fhaicinn Dhaibhidh, ag ràdh, Thugaibh a‑nìos anns an leabaidh am ionnsaigh-sa e, a‑chum gum marbh mi e.
Agus thubhairt Saul ri Michal, Carson a mheall thu mi mar seo, agus a chuir thu air falbh mo nàmhaid, air chor is gun deachaidh e as? Agus fhreagair Michal Saul, Thubhairt e rium, Leig dhomh imeachd; carson a mharbhainn thu?