Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Michal dealbh, agus chuir i anns an leabaidh e, agus chuir i adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann, agus chòmhdaich i le aodach e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Làban a lomairt a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan a bu le a h‑athair.

Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.

Agus bha aig an duine Micah taigh dhiathan, agus rinn e èphod, agus teraphim, agus choisrig e aon de a mhic, agus bha e aige na shagart.

An sin fhreagair an còignear fhear a chaidh a ghabhail beachd air tìr Lais, agus thubhairt iad rim bràithrean, A bheil fhios agaibh gu bheil anns na taighean sin èphod, agus teraphim, agus dealbh snaidhte, agus dealbh leaghte? A‑nis, matà, smaoinichibh ciod a nì sibh.

Agus chaidh an còignear fhear suas a chaidh a ghabhail beachd air an tìr, agus thàinig iad a‑steach an sin, agus ghabh iad an dealbh snaidhte, agus an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte: agus sheas an sagart aig dol a‑steach a’ gheata, agus an sia ceud fear a bha crioslaichte le innealan cogaidh.

Agus nuair a thàinig na teachdairean a‑steach, feuch, bha dealbh anns an leabaidh, agus adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan