Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh taigh Dhaibhidh, ga choimhead agus ga mharbhadh anns a’ mhadainn: agus dh’innis Michal a bhean do Dhaibhidh e, ag ràdh, Mura teasairg thu d’anam a‑nochd, a‑màireach cuirear gu bàs thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Ro‑mhath; nì mise coicheangal riut: ach aon nì tha mi ag iarraidh ort, eadhon nach faic thu mo ghnùis, mura toir thu leat air tùs Michal nighean Shauil, nuair a thig thu gam fhaicinn.

Agus dh’innseadh do na Gàsaich, ag ràdh, Thàinig Samson an seo. Agus chuartaich iad e, agus rinn iad feall-fhalach air a shon rè na h‑oidhche ann an geata a’ bhaile, agus bha iad tosdach rè na h‑oidhche, ag ràdh, Nuair a thig solas na maidne, marbhaidh sinn e.

Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna.

Oir cho fada is a bhios mac Iese beò air an talamh, cha daingnichear thusa no do rìoghachd: uime sin a‑nis cuir fios air, agus thoir am ionnsaigh e, oir gu cinnteach gheibh e bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan