Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 19:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair Saul ra mhac Ionatan, agus ra sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Daibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic iad e fada uapa, eadhon mun tàinig e am fagas dhaibh, chuir iad an comhairle ri chèile na aghaidh gus a mharbhadh.

Agus thug iad ceann Isboseit a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus thubhairt iad ris an rìgh, Feuch, ceann Isboseit mhic Shauil do nàmhaid, a dh’iarr d’anam; agus thug an Tighearna dom thighearna, an rìgh, dìoghaltas air an là‑an‑diugh air Saul agus air a shliochd.

Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin.

Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.

An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin.

Agus bha Saul ro‑fheargach, agus mhì-thaitinn an ràdh sin ris; agus thubhairt e, Thug iad do Dhaibhidh deich mìltean, agus dhòmhsa cha tug iad ach mìltean; agus ciod tuilleadh a dh’fhaodas a bhith aige ach an rìoghachd?

Agus chùm Saul sùil air Daibhidh on là sin, agus o sin a‑mach.

Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin.

Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama?

Agus nuair a dh’fhanas tu gus an treas là, thèid thu sìos gu grad, agus thig thu a dh’ionnsaigh an àit anns an d’fhalaich thu thu fhèin, nuair a bha an gnothach an làimh, agus fanaidh tu aig a’ chloich Esel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan