Ach fhreagair an sluagh, Cha tèid thu a‑mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn; agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a‑nis tha thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a‑nis is fheàrr gun dèanadh tusa còmhnadh rinn a‑mach as a’ bhaile.
A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil:
Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal-ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan.
Agus thubhairt seirbhisich Achis ris, Nach e seo Daibhidh, rìgh na tìre? Nach ann ma thimcheall-san a chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean?