Agus chuir Ionatan dheth fhèin an fhallaing a bha air, agus thug e do Dhaibhidh i, agus a èideadh eadhon gu a chlaidheamh, agus gu a bhogha, agus gu a chrios.
Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon-aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal.
Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.
Crioslaichte le criosan air an leasraibh, sgeadaichte le ceann-èideadh dathte air an cinn, iad uile mar chinn-fheadhna ri am faicinn, cosmhail ri mic Bhàbiloin, a dh’àraich tìr Chaldèa;
Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:
Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear-cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil.