Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 18:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Agus labhair Saul ra mhac Ionatan, agus ra sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Daibhidh.

Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò.

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile.

Gun deachaidh sibh uile ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, agus nach eil neach ann a chuireas an cèill dhomh gu bheil mo mhac air dèanamh coicheangail ri mac Iese; agus nach eil neach agaibh a tha duilich air mo shon, no a chuireas an cèill dhomh gun do dhùisg mo mhac mo sheirbhiseach am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh?

Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan