Agus labhair seirbhisich Shauil na briathran seo ann an cluasan Dhaibhidh: agus thubhairt Daibhidh, An nì faoin nur sùilean-se a bhith ann an cleamhnas ri rìgh, agus nach eil annamsa ach duine bochd, agus fo dhìmeas?
Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.