Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 18:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Cò mise, agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’athar ann an Israel, gum bithinn am chliamhainn aig an rìgh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

Agus labhair seirbhisich Shauil na briathran seo ann an cluasan Dhaibhidh: agus thubhairt Daibhidh, An nì faoin nur sùilean-se a bhith ann an cleamhnas ri rìgh, agus nach eil annamsa ach duine bochd, agus fo dhìmeas?

Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo?

An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan-choigrich?

Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Eiphit?

An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.

Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.

Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd.

Ahimaas ann an Naphtali; ghabh esan mar an ceudna Basmat nighean Sholaimh na mnaoi:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan