Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 18:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Feuch, mo nighean as sine, Merab, ise bheir mi dhut na mnaoi: a‑mhàin bi thusa gaisgeil air mo shon-sa, agus cuir cathan an Tighearna: oir thubhairt Saul, Na biodh mo làmh-sa air, ach biodh làmh nam Philisteach air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus sgrìobh e anns an litir, ag ràdh, Cuiribh Uriah mu choinneamh a’ chatha as dèine, agus tillibh fhèin o a chùlaibh, a‑chum gum buailear e, agus gum faigh e bàs.

Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.

Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe.

Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad.

Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.

Le a bhilean ceilidh an tì a dh’fhuathaicheas; ach anns an taobh a‑staigh dheth taisgidh e cealg.

Nuair a labhras e gu brèagha, na creid e; oir tha seachd gràinealachdan na chridhe.

An tì a chòmhdaicheas a fhuath le ceilg, foillsichear a aingidheachd am fianais a’ cho-chruinneachaidh.

Uime sin innsear ann an leabhar cogaidhean an Tighearna, Ciod a rinn e anns a’ mhuir ruaidh, agus ann an sruthan Arnoin;

Agus thubhairt Maois riu, Ma nì sibh an nì seo, ma thèid sibh fo ur n‑airm ron Tighearna gu cogadh,

Ach thèid do sheirbhisich thairis, gach fear dhiubh armaichte a‑chum cogaidh, ron Tighearna gu cath, mar a tha mo thighearna ag ràdh.

Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:

Bidh làmhan nam fianaisean air an toiseach, ga chur gu bàs; agus na dhèidh sin làmhan an t‑sluaigh uile: mar sin cuiridh tu an t‑olc air falbh o ur measg.

A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi-sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad-ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.

Agus thubhairt fir Israeil, Am faca sibh am fear seo a tha air teachd a‑nìos? Gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel a tha e air teachd a‑nìos: agus ge bè fear a mharbhas e, nì an rìgh saoibhir e le mòr-shaoibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus nì e taigh a athar saor ann an Israel.

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.

Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh-ne.

Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a‑chum gum bi i dha na ribe, agus gum bi làmh nam Philisteach na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul ri Daibhidh, Le aon den dithis bidh tu ad chliamhainn agamsa an‑diugh.

Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.

Uime sin dh’èirich Daibhidh, agus dh’imich e fhèin agus a dhaoine, agus mharbh e de na Philistich dà cheud fear; agus thug Daibhidh leis an ro‑chraicnean, agus thug iad nan làn àireamh iad don rìgh, a‑chum gum biodh e na chliamhainn aig an rìgh: agus thug Saul dha Michal a nighean na mnaoi.

Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid den chreich a dh’ionnsaigh seanairean Iùdah, eadhon a dh’ionnsaigh a chàirdean, ag ràdh, Feuch, tìodhlac dhuibh de chreich naimhdean an Tighearna:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan