Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel.
Agus a‑nis, a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach na rìgh an àite Dhaibhidh m’athair; agus mise am leanabh beag, do nach aithne dol a‑mach no teachd a‑steach.
Oir b’e Mordecai an t‑Iùdhach a b’fhaisge do rìgh Ahasuerus: agus bha e mòr am measg nan Iùdhach, agus taitneach do mhòr-chuideachd a bhràithrean, ag iarraidh maith da shluagh, agus a’ labhairt sìth ra shliochd uile.
A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.
Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.
Uime sin chuir Saul air falbh uaithe e, agus rinn e na cheannard dha fhèin os cionn mìle e; agus chaidh e a‑mach, agus thàinig e a‑steach ron t‑sluagh.
Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear-cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil.