Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 18:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha eagal air Saul ro Dhaibhidh, do bhrìgh gu robh an Tighearna maille ris, agus gun d’imich e o Shaul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris.

Agus bha an Tighearna maille ri Iehosaphat, a chionn gun do ghluais e ann an ciad shlighean Dhaibhidh a athair, agus nach d’iarr e a dh’ionnsaigh Bhàalim;

Na tilg mi od shealladh, agus na toir do spiorad naomh uam.

An sin ghabh iad eagal mòr, nuair nach robh adhbhar eagail ann; sgaoil Dia a chnàmhan-san o chèile a champaich ad aghaidh; nàraich thu iad, a chionn gun do rinn Dia tàir orra.

Seadh, ged àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad o mheasg dhaoine; seadh, is an‑aoibhinn dhaibh, nuair a dh’imicheas mise uapa.

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.

An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.

Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.

Agus a’ gabhail farmaid, reic na prìomh-athraichean Iòseph don Eiphit: ach bha Dia maille ris.

Agus bha an Tighearna maille ri Iùdah; agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd-àiteachaidh an t‑sratha fhògradh a‑mach, a chionn gu robh carbadan iarainn aca.

Agus thubhairt i, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thubhairt e, Thèid mi a‑mach, mar air uairean eile, agus crathaidh mi mi fhèin: oir cha robh fhios aige gun d’imich an Tighearna uaithe.

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?

Agus nuair a chunnaic Saul gun do ghiùlain e e fhèin gu ro‑ghlic, bha eagal air roimhe.

Agus ghràdhaich Michal, nighean Shauil, Daibhidh; agus dh’innis iad sin do Shaul, agus thaitinn an nì ris.

Agus bha fhathast an tuilleadh eagail air Saul ro Dhaibhidh; agus bha Saul na nàmhaid do Dhaibhidh an còmhnaidh.

Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.

Agus thubhairt Saul ris, Carson a chaidh sibh ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, thusa agus mac Iese, do bhrìgh gun tug thu dha aran agus claidheamh, agus gun d’fhiosraich thu de Dhia air a shon, a‑chum gun èireadh e suas am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh?

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Carson a chuir thu dragh orm lem thoirt a‑nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh am aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus chan eil e a’ toirt freagraidh dhomh nas mò, aon chuid le fàidhean no le aislingean: uime sin ghairm mi ortsa gu fios a thoirt dhomh ciod a nì mi.

Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan